Share to: share facebook share twitter share wa share telegram print page

Émile Zola

Émile Zola
38. president of the Société des gens de lettres (en) Translate

1891 - 1894
Ernest Hamel (en) Translate - Jean Aicard
41. president of the Société des gens de lettres (en) Translate

1895 - 1896
Aurélien Scholl (en) Translate - Henry Houssaye (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn Émile Édouard Charles Antoine Zola
Breith rue Saint-Joseph (en) Translate agus Paris, 2 dhen Ghiblean 1840
Dùthaich  An Fhraing  (1862 -
Ciad chànan Fraingis
Bàs Paris, 29 dhen t-Sultain 1902
Àite-adhlacaidh Panthéon (en) Translate
cladh Montmartre
Nàdar a’ bhàis accidental death (en) Translate (puinnseanachadh le CO)
Teaghlach
Athair Francesco Zola
Màthair Émilie Aubert
Cèile Alexandrine Meley (en) Translate  (31 dhen Chèitean 1870 -  unknown value)
Càraid Jeanne Rozerot (mul) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd poileataigeach, breithniche ealain, nobhailiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair sgeulachdan goirid, breithniche litreachais, theatre critic (en) Translate, neach-naidheachd, sgrìobhadair, bàrd, neach togail dhealbhan agus librettist (en) Translate
Obraichean comharraichte Les Rougon-Macquart (en) Translate
Thérèse Raquin (en) Translate
J’accuse…! (en) Translate
Nana
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Honoré de Balzac
Gluasad Nàdarras (litreachas)
freethought (en) Translate
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm0957652

B' e Émile Zola (IPA emil zɔˈla) ùghdar, neach-aithris agus fear ainmeil às an Fhraing. Rugadh e ann am Paris air an darna latha dhen Ghiblean 1840, agus chaochail e an siud fhèin air 29mh latha dhen t-Sultain 1902. Bha e os cionn an stoidhle litreachas ris an canadh nàdarras, neo naturalisme anns an Fhrangais.[1][2]

‘S e fear dhe na sgrìobhadairean nobhailean Frangach na bu chòrdte na cruinne a bh' ann Zola is thathar a’ cur a chuid obrach sa chlò, ga eadar-theangachadh is a’ bruidhinn mu dheidhinn cho tric fhathast. Nochdaidh na leabhraichean aige daonnan anns na fiolmaichean agus air an telebhisean. Tha a bheatha is a chuid obrach air an nochdadh ann an tòrr sgrùdaidhean eachdraidheil. Taobh litreachas, tha e ainmeil gu sònraichte air sàilleabh na Rougon-Macquart, sreath dhe fichead nobhailean aige a tharraingeadh dealbh co-chomann na Frainge aig àm an Darna Iompaireachd. Leanadh an sreath sin an teaghlach Rougon-Macquart, tro na ginealaichean is gach leabhar a’ dealbhadh ginealach agus linn fa leth.

Mu dheireadh a’ bheatha bha e an sàs anns a’ cheist Dreyfus nuair a sgrìobh e an t-artaigil ainmeil « J’Accuse…! » (Tha mi e fàgail air...!) anns a’ phàipear-naidheachd L'Aurore anns an Fhaoilleach 1898. Thug e sumanadh dhan Taigh-cùirte fo chasaidean dhe Chliù-mhilleadh agus b' fheudar dha a dhol gu Lunnainn is e na fhògarrach sa bhliadhna sin fhèin.

Leanabas agus òige ann am Provence (1840 - 1858)

Rugadh Émile Zola ann am Paris ann an 1840 ach ‘s ann às an Eadailt a bha athair. ‘S e an aon mac aig Francesco Zola[3] agus Émilie Aubert a bh’ann. B’ e Francesco Zola Innleadair na h-obraichean poblach agus seann oifigear Eadailteach. Thug e tairgse airson siostam a chur air dòigh gus fìor uisge a thoirt a dh’Aix-en-Provence bhon a’ Bheinn Sainte-Victoire. Fhuair e an cùmhnant air an 19mh latha dhen Ghiblean 1843 agus chaidh an teaghlach a dh’fhuirich ann an Aix-en-Provence. chaidh ainm a chur dhan chùmhnant ann an 1844. Stèidhich esan Companaidh a’ Chanail Zola (Fraingis) Société du Canal Zola), leis a chuid chompanaich mhaoineachaidh. Chaidh na h-obraichean a thòiseachadh ann an 1847. Chaochail esan leis an niumòinia ann an 1847 an dèidh an Dàm Zola a thogail.

Dreyfus (1894 - 1899)

Bha Zola an sàs anns a’ chùis sin bho 1897, air sgàth gun cuireadh an iomairt an aghaidh an Iùdhach Dreyfus dragh air Zola, is chuir e roimhe pàirt a ghabhail anns a’ chùis is e a’ dìon na Iùdhaich. Nochd a’ chiad artaigil a sgrìobh mun chùis anns a’ phàipear-naidheachd Le Figaro[4] DiDòmhnaich, an 14mh latha dhen Shamhain 1897. Chuir e crìoch air an artaigil leis an t-seanatans ainmeil fàidheil: « Tha am fìoras a’ dol air adhart is cha chuir càil stad air » Fraingis :« La vérité est en marche et rien ne l'arrêtera ». Chan e Alfred Dreyfus a bh' ann am brathadair, ach an ceannard Ferdinand Walsin Esterhazy. Nochd e ri beulaibh Chùirt fo lagh airm Paris air an 10mh latha dhen Fhaoilleach 1898, ach chaidh e a shaorachadh an làn a-màireach. Bha Zola cho fiadhach ann an dà chuid an aghaidh dhìtidh duine neo-chiontach agus saorachadh duine ciontach co-dhiù. Agus bha e uabhasach fiadhaich.

Leabhraichean

  • La Confession de Claude (1865)
  • Thérèse Raquin (1867)
  • Madeleine Férat (1868)
  • Le Roman Experimental (1880)
  • Les Rougon-Macquart (sreath dhe nobhailean mu dheidhinn aon teaghlach)
    • La Fortune des Rougon (1871)
    • La Curée (1871–72)
    • Le Ventre de Paris (1873)
    • La Conquête de Plassans (1874)
    • La Faute de l'Abbé Mouret (1875)
    • Son Excellence Eugène Rougon (1876)
    • L'Assommoir (1877)
    • Une Page d'amour (1878)
    • Nana (1880)
    • Pot-Bouille (1882)
    • Au Bonheur des Dames (1883)
    • La Joie de vivre, Charpentier, Paris, (1883)
    • Germinal, Charpentier, Paris, (1885).
    • L'Œuvre (1886)
    • La Terre (1887)
    • Le Rêve (1888)
    • La Bête humaine (1890)
    • L'Argent (1891)
    • La Débâcle (1892)
    • Le Docteur Pascal (1893)
  • Les Trois Villes
    • Lourdes (1894)
    • Rome (1896)
    • Paris (1898)
  • Les Quatre Evangiles
    • Fécondité (1899)
    • Travail (1901)
    • Vérité (1903, ga chur sa chlò an dèidh a bhàis)
    • Justice (nach do chrìochnaich e)

Iomraidhean

  1. Encyclopædia Britannica
  2. Encyclopédie Larousse
  3. Zolla avec deux "L". H. Mitterand, Biographie d'Émile Zola, Vol 1, Sous le regard d'Olympia, p. 18-30
  4. Le dossier de M. Scheurer-Kestner
Kembali kehalaman sebelumnya