’S e baile meadhanach faisg air Alacant air an à irde an ear-dheas na Spà inne a th’ ann am Murcia (IPA: murθja). Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara,[1] 350km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spà inne, agus 472km bho Bharcelona.[2] Tha 439,889 duine a’ fuireach ann am Murcia.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Mhurcia a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sà illeabh nach eil Freumh-fhaclachd a' bhaile idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann an Laideann fo riochd Arabais.[4] Tha a h-uile coltas ann gur ann à myrtus (Gà idhlig: miortal) a tha e.[5] Tha cuid eile a' cantainn gur ann à Myrtea no Murtea (Gà idhlig: miortlach) a tha an t-ainm. Thuirt Gaius Plinius gu robh miortlach mòran na bu chumanta an seo na ann an à ite sam bi eile san Spà inn.
Eachdraidh
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6]
Cruinn-eòlas
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Murcia.[7] Cha thuit ach 297mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 870mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[8] - leis gur e à ite tiomarm a th' ann.