Bha Sappho, nighean Scamander agus Cleïs, pòsda (tha cluich-àbhachd Attic ag ràdh ri ceannaichebeairteach, ach tha sin teagmhach) agus bha nighean aice, cuideachd ainmichte Cleïs. Dh'fhàs i glè lùthmhor fad a beatha air a bàrdachd—cho mòran ri a thog an baile mòr den Syracuseìomhaigh a chur onoir oirre nuair thadhail i. Bha a teaghlach ealamh gu sluagh-iùlach, a rinn Sappho a shiubhal mòran. Bha i comharraichte fad a beatha cho a' bhan-mhaighstir-sgoile sheòrsa sgoil-chrìochnachaidh Grèigeach do caileagan. As dualtaiche, bha a h-oileanaich 'na cùisean a bàrdachd.
Bha i 'na bàrd-ealaidhe a leasaich a rannachd àraidh, àitheanta mar rannachd Shappach, agus bha i urramach air stiùireadh gluasad ealanta air falbh às a' chlasaigeach cuspairean nan dia, dham chuspairean nam faireachdainn pearsanta daonna. Thug geur-dhàn iomradh oirre 'san Anthologia Palatina, air chur às leth ri Plato, cho an "deicheamh Cheòlradh".
Sgrìobh Sappho gu h-àraidh dàna-ghaoil, aiste a tha mìreannan a' maireann, ach aon dàn iomlan, Fragment 1, "Laoidh do Aphrodite". Bha àrd-chliù anns an t-saoghal sean aice, seach tha mìreannan a-mhàin a h-obrach a' maireann, chaill an saoghal ionmhas luachmhor 'na h-obrach.
Roinn a dàna-ghaoil air sheòladh ri mnathan. Tha 'n facal leasbach fhèin bunaichte às an ainm an eilein den Lesbos às a thàinig i. ('S e an bun a th' innte a co-fhacal nas neònaiche sapphach, bunaichte às a h-ainm.)
Seach an cuspair co-sheòrsach—agus seach an feòlmhorachd soilleir aice—bha a h-obrach coirichte leis a' Chrìostaileaglais, mar a tha 'n prìomh-adhbhar, gu teagmhach, nach eil a' chuid as motha dhi air mhaireann, seach cothlamadh de dèanamh dearmad air cha dèanamh amhlaidh, agus ga milleadh gu beòthail.
Fhad 's ar tràth tha 'n cuspair seo àitheanta gu math, anns na seann linntean 'gus Na Linntean Meadhanach, bha i nas iomraitiche air (a-rèir ri fionnsgeul) ga tilgeadh fhèin de creag seach gaol neo-dhìolta air seòladair ainmichte Phaon. Tha 'n sgeul seo a' cur làithean air Ovid agus Lucian 'san An Seann Ròimh agus chan eil còmhdach Crìosdail gu cinnteach. Chan eil ionnrain chòmhragaile timcheall ìomhaighean cudthromach ann an eachdraidh neo-àbhaisteach. (Tha ionnran àraidh gun robh cèile air smaoineachadh dhi ainmichte Cercglas den Andros, facal air am fhacal "Bod, às a' Bhaile nam Fear"). Cho fada ri tha eachdraidh fo chùram, thàinig Sappho às teaghlach uasal, bha triùir bràthair aice, phòs i 's thug i breith ri co-dhiù aon nighean, bha fuathaichte dhan Syracuse air adhbharan poileataigeach, thill sa' bhliadhna 581 BC, agus mharbh aig aois shean.
Sappho 'san Litreachas
Sgrìobh an gliocair Maximus às an Tyrus (dara leth na dara linn. AD), gun robh Sappho "beag agus dubh" agus gun robh a càirdeis do a ban-càirdean coimeas dham chàirdeis sin Shocrates:
Dè eile 'bha 'n gràdh na mnà Leasbaiche ach an ealain a' ghaoil Shocrates? Seach nochd iad dhomh a chleachd iad gaol 'nan slighe fhèin, i sin nam bean, e sin nam fear. Seach tha iad ag ràdh a ghaolaich iad iomadh dhaoine agus gun robh iad glacte le h-uile rud àlainn. Mar a bha Alcibiades agus Charmides agus Phaedrus dha, bha Gyrinna 'gus Atthis agus Anactoria dhan Leasbach.
Dh'ainmich Plato Sappho an "Deicheamh Ceòlradh" agus an "Ceòlradh bàsmhor".
Sgrìobh Aelianus Claudius ann Eachdraidh Rèitichte (Ποικίλη ιστορία) a dh'ainmich Plato Sappho glic.
Chliùthaich am bàrd grèigeach Odysseas Elytis (linn 20mh AD às Lesbos) i ann an a Mhikra Epsilon: .. chan eil neach dhen t-seòrsa, eadar mothachail agus curanta, air nochdadh le beatha. Rìbhinn bheag chiar, a dhearbh a bhith urrach gu comhad le ceannsachadh ròs, ciallachadh tonn no beul-binn, agus ràdh 'tha gaol 'am dhut', a lìonadh 'n cruinne le mothachadh.
Sgrìobh Horace 'na Ealaidhean a bheil na eadhlaidhean Shappho còir air cliùthachadh naomh.
Sgrìobh Mòrair Byron na loidhnean leantail uimpe 'na Childe Harold:
And onward viewed the mount, not yet forgot, (Is air adhart ghabh an t-each sealladh, cha dìochuimhnichte fhathast)
The lover's refuge and the Lesbian's grave. (An dìdean an leannain is an uaigh an Leasbaich.)
Dark Sappho! could not verse immortal save (Sappho dubh! Nach thèid do rann sìth-bheò shàbhaladh)
That breast imbued with such immortal fire? (Am broilleach lìonta le teine sìth-bhuan den t-seòrsa?)
Rinn Ùisdean Laing eadar-theangachaidhean sgoinneil de cheithir dàin le Sappho (Fiabhras-gaoil na Ban-fhighich Òig; Maighdean gun Iarraidh; Maighdean air a Trèigsinn; agus Ar Màthair, an Oidhche ; . Seo a' chiad dhiubh :
A mhàthair na bi dìteach,
Ged tha mo spàl cho mall;
Thàinig Aphrodite
Le fiabhras cuirp is inntinn
Is dh'fhàg i mise dall...
(Às Gu Tìr Mo Luaidh le Ùisdean Laing, air a chur a-mach le Pàipear-Naidheachd Steòrnabhaigh, 1964.)