'S e baile mòr an am meadhan na Suaine a th' ann an Uppsala (IPA: /ˈɵpːˌsɑːla/). The suidhichte ri taobh na h-aibhne Fyrisån, aig dìreach 10m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Uppland,[2] 403km air falbh bho Ghöteborg, 513km bho Helsingborg, 546km bho Mhalmö, 696km bho bhoden agus 61km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 13mh Linn agus chaidh Oilthigh a chur air bhog an seo ann an 1477. Tha 140,454 duine a' fuireach anns a' bhaile,[4] an 4mh baile as motha na dùthcha.[5]
Freumhan an ainm
Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Seann-Lochlannais: up (suas/àrd) agus salla (talla) a tha an t-ainm.[6] Bheireadh sin An Talla Àrd dhuinn sa Ghàidhlig air neo Uphallsa Bheurla Ghallda an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda up a th' ann an upp agus leis a' Ghàidhligtalla a th' ann an salla.[7] B' e Östra Aros (Àros an Ear) a chanadh ris roimhe.