'S e neach-poileataigs à Alba a bha ann am Winnie Ewing. Tha i ainmeil air sgàth a buannaich airson nan Nàiseantach ann am frith-thaghadh Hamilton ann an 1967. Rugadh i mar Winifred Woodburn agus thogadh i ann an Glaschu agus bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich i lagh. Chaill i a seat ann an 1970 agus bhuannaich i Moireabh agus Inbhir Narann ann an 1974. Chaill i an seat seo ann an 1979.[1]
Bha i na Ball-Pàrlamaid Eòrpaich airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1979 agus 1999 far an d'fhuair i am far-ainm Madame Écosse agus bha i na ball-liosta anns a' Phàrlamaid na h-Alba airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1999 agus 2003.[2][3]
Tha a mhac, Fergus Ewing agus a nighean, Annabelle Ewing, cuideachd nan luchd-poileataigs, agus bha a bean-mhic, Mairead Ewing, cuideachd na neach-poileataigs mus do chaochail i ann an 2006.[4] Chaochail i aig aois 93 anns an Ògmhios 2023.[5]
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- ↑ “Mr Winifred Ewing (sic)”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Winnie Ewing - MSPs”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Biography of Winnie Ewing”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ MacUilleim, Brian (23mh dhen Mhàrt 2006): “Obituary: Margaret Ewing”. The Guardian. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Tè de sheòid an SNP, Winnie Ewing air bàsachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Ògmhios 2023. Air a thogail 25mh dhen Ògmhios 2023.